A’ Bheurla Ghallda: a’ Coiseachd gu Bàs Aineolach

1675981213

Tintin in Scots

San alt seo, tha Daibhidh Rothach a’ toirt a bheachd air suidheachadh na Beurla Gallda, cànan le sgeul fada ann an eachdraidh na h-Alba ach a tha fhathast às aonais taic ceart no aithneachadh oifigeil on riaghaltas.

In this article, Daibhidh Rothach gives his views on the situation of Scots, a language with a long story in the history of Scotland, but which is still without correct support or official recognition from the government.
S ann gu tric a thig càineadh air a’ Ghàidhlig. Tha cuid de dhaoine aineolach mu chosgaisean no eachdraidh a’ chànain, tha feadhainn ann nach eil ach airson buaireadh a dhèanamh is an ainmichean fhaicinn sa phàipear, agus tha beachdan eile a tha gu math reusanta, le daoine ag ràdh gu bheil bàs-cànain na thachartas nàdarra air nach cuirear stad ann an saoghal a tha a’ sìor fhàs nas lugha. Ach is sgleò mòr na Beurla a-nis sgapte thar nam beann, chan ann ach lag an sgaradh cultarail a bha eadar Goill is Gàidheil fad linntean, agus tha e caran romansach, fiù mì-chothromach, mì-rùn mòr nan Gall a chur air, is na Gàidheil fhèin air cùl ris a’ chànan.

Brònach is gu bheil e do chuid, tha sìobhaltas ag atharrachadh tro chuairt is tro char nan linntean, agus ‘s ann còmhla a bhios an cuid chànain. Dìreach mar a chaill an t-ainm Innse Ghall a bhrìgh nuair a fhuair a’ Ghàidhlig làmh an uachdar air Seann Lochlannais timcheall air an treasamh linn deug air na h-eileanan, chan eil am facal Gàidhealtachd a-nis ach na ainm-chuimhneachaidh do làithean na bu fhallainne aig a’ Ghàidhlig air tìr-mòr. Gu deas, air achadh is ann am baile na Machaire Gallda, tha a’ Bheurla Ghallda, no Scots, cuideachd air atharrachadh o linn Mhic Mhaighstir Alasdair. ‘S dòcha nach robh am bàrd a’ meòrachadh air an sgaradh eadar cainnt Bhurns is Bhyron nuair a sgrìobh e na facail cumhachdach ach – mathanas dha – ‘s cinnteach gun robh aire air àirdean eile, ‘s gailleann mhòr an ochdaimh linn deug ga chuairteachadh. ‘S e mì-thuigse, ge-tà, a th’ air a bhith aig cridh a’ chrìonaidh ann an cànan nan Gall, ri linn Seumasach agus an là an-diugh.

Ged a b’ ann nas fhollaisiche a bha na h-oidhirpean gus Gàidhlig a mhùchadh, cha robh rudan dad na b’ fheàrr don a’ Bheurla Ghallda. Beagan o amannan eadar-dhealaichte ann an eachdraidh: a’ Bheurla air a sparradh air clann sna sgoiltean fo Achd an Fhoghlaim 1872 dìreach mar a thachair air Ghàidhealtachd (tha seo fhathast a’ tachairt, ged nach fhaod tidsearan fòirneart a chleachdadh na làithan-sa gus a bhualadh far an teanga); an-diugh, a’ Bheurla air soidhnichean-rathaid, leis an fheadhainn a tha sgrìobhte an Scots, an leithid Lenzie, a-nis air am fuaimneachadh gu ceàrr air sgàth ‘s buaidh na Beurla. Agus – ìorantas cho mòr ri dad an eachdraidh na dùthcha – bha na Cùmhnantaich, fine a shabaid airson còraichean a’ chreideimh chlèirich an aghaidh smachd na h-Eaglaise Sasainn, a’ cluinntinn Facal Dhè sa Bheurla san eaglais seach sa chànan aca fhèin, is Bìoball ann an Scots a dhìth air sluagh na Galldachd aig an àm.

Ged a bha oidhirpean gus am Bìobaill eadar-theangachadh rin linn, cha do nochd tionndadh slàn sa chànan gu toiseach nan ochdadan, ach an uairsin bha e ro fhadalach: chaidh e a dhiùltadh le coimhthionalan, is iad am beachd gur b’ e cànan garbh, borba a bh’ ann, mì-iomchaidh airson Taigh Dhè. Is am Bìoball a-nis air crìonadh mar slat-tomhais de chànan, tha aithneachadh oifigeil, inbhe co-ionnannachd, agus àite sna meadhanan, riatanach gus am fèin-aithneachadh a th’ aig sluagh a dhaingneachadh, agus gus luach a dhearbhadh san dòigh conaltraidh agus cultar aca am measg muinntir an t-saoghail. Às aonais, dh’ fhaodadh faireachdainnean de dh’ ìocaranachd a bhith làidir, le cuid de sluaghan aig nach eil urram air a’ chànan aca fhèin ainmeil airson trioblaidean sòisealta agus cion-misneachd, agus tha adhbharan ann a ràdh gu bheil e air cùl an Scottish Chip gu ìre air choireigin.

Tha facail a’ giùlain fada barrachd na teachdaireachdan o labhraiche do neach-èisteachd. Faodaidh am blas anns an tig iad, mar stampa cèin air pasgan sa phost, beagan innse mu cò às a tha cuideigin. Cuideachd, faodaidh iad nochdadh dè an clas-sòisealta no ìre-foghlaim a th’ aca, an do dh’ ionnsaich iad an cànan, agus fiù an e càraid no nàmhaid a th’ annta. Tha cànan cuideachd ag innse beagan mu cò tha an neach-labhairt airson a bhith: tha blas Mhìcheil Ghobha BP a’ sealltainn nach eil e ga fhèin-aithneachadh le dualchas Dorach an Ear-thuath far an deach e a thogail, ach leis na daoine a bha timcheall air san sgoil phrìobhaideach aige agus aig Oilthigh Oxford. Agus ‘s e sin cnag na cùise: is Scots air a bhith às aonais inbhe oifigeil ann an dòigh sam bith fad linntean, tha sluagh na h-Alba a’ cleachdadh na Beurla mar shlat-tomhais oirre, cànan le briathrachas, litreachas, eachdraidh – agus ‘s dòcha nas cudthromaiche – le crìochan nàiseanta, eadar-dhealaichte.

Tha an cànan, agus mar sin an luchd-labhairt, air a cur fo choimeas mì-fhreagarrach, is tha na fuaimean agus facail ag innse do luchd-èisteachd na Beurla, uaireannan aig ìre saidhg-eòlach, gur ann à teaghlach no sgìre chlas-obrach a tha iad, no nas miosa, gu bheil iad gòrach is garbh, gun comas air a’ Bheurla ceart. Fiù nam biodh Dorach cho glan is siùbhlach ris an Uisge Dè fhèin aig Maighstir Gobha, ma-tha, chan fhaigheadh e cothrom aig àirdean riaghaltais Lunnainn fad ‘s a dh’ fhuirich a theanga ann an Lag na Maoirne. Chan eil e na aonar: a-rèir a’ chunntais-shluaigh mu dheireadh, bha 1.5 millean luchd-labhairt Scots ann an Alba. Ma tha sin fìor, tha e na dhearbhadh nach eil àite sam bith airson muinntir a’ chànain ann an oifigeachd na dùthcha. Chan eil sgeul air a’ Bheurla Ghallda air Tbh, sna pàipeirean, no docamaideadh oifigeil, agus tha tòrr aig an robh i ann an làithean òigridh a’ cur cùl rithe nuair a thoisich iad air an t-slighe obrach, cainnt an sinnsearan na h-ìobairt do dh’ adhartas sòisealta.

‘S staid a’ chànain agus cuid chòraichean an luchd-labhairt cho truagh, tha e soilleir nach eil Scots, agus gu h-àraidh Goill, na bagairt do dh’ adhartas na Gàidhlig. Gu mì-fhortanach, tha cuid a tha an sàs ann an leasachadh na cainnt gu dubh an aghaidh na Gàidhlig, mar a bha soilleir o dhuilleag Facebook aig buidhean le dleastanas a brosnachadh, a bha loma-làn abairtean de mhì-rùn, aineolas, agus amaideas. Aig ìre phearsanta, tha mi a’ faireachdainn gu bheil an leithid de dhaoine (uaireannan aig nach eil comas no toil a’ Bheurla Ghallda a bruidhinn gu ceart) a’ goid an dualchais bhuamsa is ga mhì-chleachdadh. Dh’ ionnsaich mi fhèin a’ Ghàidhlig, agus thàinig abairt no dha gam ionnsaigh air an t-slighe o eileanaich mun an Scots a bh’ agam o thùs: Chan eil daoine a bhios a’ bruidhinn mar a tha thusa ach nan neds – Chan eil ann an-sin ach truaill-chainnt – Carson a tha thu ag ràdh ken, carson nach bruidhinn thu mar a’ mhòr cuid? agus mar sin air adhart. Mo mhàthair a thog mi, mo sheanair a chur seachad a bhliadhnaichean as fheàrr san Dàrna Cogadh, mo shinn-seachad-shinn sheanair a chuir a chas bheag air thalamh Inbhir Àir nuair a bha daoine fhathast san sgìre le cuimhne air Burns air an dìbleachadh le buille dhall an aineolais.

Ach dà rud: Aon; chan e Gàidheil a-mhàin bhios a’ coimhead sìos air Scots, ach luchd na Beurla air feadh na h-Alba. Dà; chan eil ach beagan de Ghàidheil a’ coimhead sìos oirre idir, agus tha an càineadh a gheibh a’ Ghàidhlig o luchd-iomairt na Scots – agus leis a-sin tha mi a’ ciallachadh iadsan a tha a’ tuigsinn gur e a’ Bheurla Ghallda a tha iad a’ bruidhinn agus gur e cainnt a th’ ann – fada nas miosa. Tha an t-seòrsa rud seo na nàire dhomh fhèin, agus na slaic do shluaghan a bhios a’ brosnachadh mion-chànain air feadh an t-saoghail le sùilean agus inntinnean fosgailte.

Cha mhòr an t-eòlas agam air leasachadh cànain, ach tha eachdraidh ag innse gur beag a’ bhuannachd a thug an eudachd do dh’ adhbhar sam bith, agus chan eil còmhstri na bhuannachd ach dhaibhsan a tha cho bodha do dh’ Alba is nach cluinn iad ach Beurla na Bànrigh air a sràidean – Seòras Mac Dhonnchaidh, Mòrair Phuirt Ìlein, mar eisimpleir. Seach a bhith a’ càineadh maoineachadh nam buidhnean Ghàidhlig a bhuannaich gèill is còir o riaghaltasan mì-dheònach fad nam bliadhnaichean, feuch seo: ionnsaich bhuapa, gheibh brosnachadh às, agus dèanaibh gàire gu bheil atharrachadh comasach ann an dùthaich bheag nach eil, uaireannan, uabhasach fhèin deidheil air. Tha buidhnean Ghàidhlig air na bliadhnaichean a chur seachad a’ brosnachadh misneachd am-measg luchd-labhairt, agus a’ feuchainn ri beachdan an t-sluaigh air a’ chànan aca fhèin atharrachadh. Chan eil na h-oidhirpean seo daonnan soirbheachail, agus tha sìor dheasbad ann mun an t-slighe air adhart, ach tha slighe ann co-dhiù. An coimeas, chan eil fiù siostam litreachaidh aig a’ Bheurla Ghallda air a bheil luchd-iomairt agus sgoilearan ag aontachadh, suidheachadh a tha na chùis nàire. Seach a bhith a’ cur cudthrom air riaghaltasan gus còraichean a ghlèidheadh, tha iad a’ sabaid am-measg a chèile is a’ càineadh adhartas na Gàidhlig. Luchd-iomairt na Beurla Gallda, Judean People’s Front shaoghail nam mion-chànain, a’ trod am-measg a chèile is na Ròmanaich a’ gàire.

Bhiodh inbhe oifigeil agus maoineachadh do Scots na bhuannachd don a’ Ghàidhlig cuideachd. Bhiodh e co-dhiù a’ toirt air falbh clach-oisne on an argamaid fhaoin – Cha robh a’ Ghàidhlig a-riamh ga bruidhinn san sgìre seo, ach Scots, agus cha bu chòir na soidhnichean ud a bhith ann! Bhiodh e inntinneach dha-rìribh fhaicinn dè canadh na daoine seo nam biodh Scots air a teagasg sna sgoiltean no a’ nochdadh air soidhnichean-rathaid mar a bhios i ann an Ulaidh. Tha an t-amharas ann, ge-tà, nach eil a’ mhòr cuid dhiubh idir air taobh na Scots idir, ach ga cleachdadh mar arm gus slaic a thoirt don a’ Ghàidhlig.

Tha an argamaid seo cuideachd a’ crochadh air an tùs-smaoin brèige gu bheil crìochan a’ glèidheadh cànain. Saoil, nam biodh sin fìor, mura a robh cultur agus cainnt a’ sgaoileadh agus a’ mathachadh, a’ fàs is a’ crìonadh, a’ goid facail o chèile, a’ lùbadh an cuid chiall is an tilgeil air ais, dè cho falamh is a bhios an t-saoghal, dè cho beag ‘s bhios, mar ghnè, ar cuid eòlais. Ach ‘s e creutair mòr na Beurla siostam fhoghlaim na h-Alba, agus tha cànain na dùthcha, a bu chòir a bhith air am brosnachadh is teagasg, nan tìr chèin dhi. ‘S e atharrachadh air seo a’ chiad cheum air an t-slighe gu spèis airson an dà chuid Gàidhlig is Scots. Tha balach òg gun tuigse air ainmean Gàidhlig nam beann a chithear e o uinneag taighe ann an Knightswood agus ban-Leòdhasach nach eil a’ tuigsinn facail Bhurns a cheart cho truagh, agus nan rabhadh gu bheil fàilligeadh mòr ann am foghlam, tro mheadhan na Beurla co-dhiù, na dùthcha.

Tha Alba a’ dol tro dh’ atharrachadh mòr eile. Mar a thuirt Burns beagan bhliadhnaichean an dèidh Mac Mhaighstir Alasdair, Right to the wrang did yield, seachdain ‘s a chaidh, agus bidh aig an dùthaich a bheachdachadh air an t-slighe air adhart sna mìosan a tha roimhpe. Bhiodh e na àm freagarrach gus àite na Beurla Gallda a shoillearachadh, agus airson barrachd spèis airson na Gàidhlig is na còraichean a bhuannaich i a thighinn on taobh eile. Labhair Gaill is Gàidheil, neo-chlèirich is clèir – ‘s ann againn uile a tha ar cànain, agus ‘s e Alba air fad a bhios a’ call nam biodh iad a’ bàsachadh fo spàirn is strì linn a dh’ fhalbh.



Categories: Gaelic

Tags: , , ,

7 replies

  1. I’d love to know your opinion of “Ulster Scots”.

    • A’ll tell ye mine. The “Ulster Scots Agency”, funded by government gives out grants to Orange Lodges, Orange Bands and other unionist groups.

      http://www.ulsterscotsagency.com/community-projects/projects-funded-by-the-agency/

      Many, maybe even most, Scots speakers in Ulster are Catholics and therefore denied access to many, maybe most, of the Scots language “activities” as they so often take place in Orange halls. The Scots language itself is despised by those who claim to represent it. The use of accent marks has been introduced, apparently in an attempt to rival those used in Irish. New words are made up that ridicule the language, for example “lang-bletherer” for telephone. The aim seems to be, by offering a caricature of Scots as a language, to undermine the status of Irish, that if Scots is ridiculous, then neither should Irish be regarded as a “real” language. In recent years the ideology of Ulster Scots has spread to Scotland and there is a great divide between those long term supporters and users of Scots and the new clique who have insinuated themselves into official bodies. The hatred of Gaelic is manufactured. Along with the anti-Gaelic propaganda is a rejection of the very steps that Scots promoting bodies could take to revitalise the language. Playgroups, mother and toddler groups, schools and colleges, adult immersion, usage in media.

      Make no mistake, these people have no interest in Scots beyond using it for the extension of Ulster style unionism into Scotland.

  2. Fìor mhath a Dhaibhidh. Ach saoil a bheil e fìor gum biodh inbhe oifigeil agus maoineachadh nam fìor bhuannachd math do Scots? Coimhead na thug iad sin gu buil anns a’ Ghàidhlig – cuangocrasaidh nach eil a’ dèanamh càil ach ga mholadh fhèin!

  3. Abair deagh alt a Dhaibhidh, agus chan urrainn dhomh smaoineachadh air aon neach a b’ urrainn bruidhinn mun chuspair leis an t-eòlas & (and I don’t mean this in Yer the Big Man way) ùghdarras a th’ agadsa mun chuspair. Tha sinn fortanach gu bheil gu bheil cuideigin againn a tha cho fiosrachail & dìlseach a thaobh an dà chanan. Tha na puingean agad sna paragrafan mu dheireadh gu h-àraid làidir. Tuilleadh dheth seo ma ’s e do thoil / Mair o’ this please (excuse my Scots).

  4. Aidh, Dhaibhidh, gie’s mair! Bhiodh e math do bharail fhaighinn air na gabhadh dèanamh gus a’ Bheurla Ghallda ath bheothachadh.

    Is mi tha toilichte fhaicinn gu bheil thu seachnadh air an fhacail neònach sin “Albais”. ‘S i a’ Bheurla Ghallda a chanas daoine.

    Nach truagh, ge-tà, gu bheil deasaiche air choireigin airson rudeigin a chur ann sa Bheurla?

    “In this article, Daibhidh Rothach gives his views on the situation of Scots, a language with a long story in the history of Scotland, but which is still without correct support or official recognition from the government.”

    Dé tha sin ag ràdh agus có ris a tha e bruidhinn?

    Is iomadach turas a chunnaic sinn a leithid. Carson a tha deasachaidhean cho deidheil air a’ Bheurla agus gu bheil an comhnaidh aca ri beagan fhaclan a bharrachd de “mhìneachadh” ann am Beurla a chur ri artagail a tha gu tur sa Ghàidhlig?

    An e dìreach aineòlas a tha sin air neo mì-run luchd na Beurla agus iad a’ feuchainn ri Gàidhlig a dhèanamh suarach?

  5. Chòrd seo rum gu mòr, deagh phìos.

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: